
Haidh, is mise ChatPal! – Inneal-Còmhraidh Gàidhlig ùr airson fallaineachd-inntinn
Tha NHS Eileanan Siar air a bhith a’ toirt taic gu leasachadh is deuchainn inneal-còmhraidh fallaineachd inntinn còmhla ri pàirtean ann an Fionnlain, an t-Suain agus Èirinn. Nise, mar phàirt dhe’n phròiseact ioma-chànanach gun choimeas, tha NHS Eileanan Siar air taic a thoirt gu cruthachadh earrainn Ghàidhlig na h-Alba dhe’n inneal. Anns na seachdainnean air thoiseach gabhaidh fichead còmpairtichean a tha a’ fuireach anns na h-Eileanan an Iar pàirt ann an deuchainn ceithir seachdaineach aontaichte gus gach cuid na h-earrainnean Bheurla is Ghàidhlig am feuchainn.
‘S e prògraman compiutair a tha ann an Innealan-Còmhraidh, a thathas ri leigeil orra còmhradh daonna tro teacs chòmhraidh air loidhne. Tha crioch a bhith air a chuir an t-susbaint Inneal-Còmhraidh le eòlaiche-inntinn ann an Oilthigh Fionnlainn an Ear, agus tha luchd-leasachaidh ann an Oilthigh Teicneòlas Munster ann an Èirinn air na sgrìobhainnean eadar-theangaichte anns an earrann-dheuchainn dhe’n inneal-còmhraidh gabhail a-steach. Tha Raonaid NicAilean, Eòlaiche-Inntinn Comhairleach a tha ‘na neach-labhairt dùthachsach na Gàidhlig, air cuideachadh a thoirt ann an dàimh ri susbaint anns an earrainn Ghàidhlig do NHS Eileanan Siar.
Tha Dr Alison NicDhonnchaidh, Co-Chomhairleachaidh Eòlaiche-Inntinn le NHS Eileanan Siar, air aithris “Tha Riaghaltas na h-Alba air eadar-theachdan ditsiotach slàinte-inntinn a ghabhail a-steach mar phàirt dhe’n ath-bheòthachadh nàiseanta bho’n ghalar sgaoilte, agus tha tòrr aig Alba ri thoirt do rannsachadh a tha a’ dol air adhart. Tha e mar fhiachaibh oirnn ionnsachadh ciamar an dèan na h-innealan sin an cobhair às mòtha. Tha sinn anabarrach taingeil gu buill a’ phobuill a tha air ar cuideachadh chun a seo ann a bhith a’ feuchainn is a’ sgrùdadh – feumar eadhon innealan-còmhraidh an leasachadh leis a’ chinne-daonna!”
Thèid na h-earrainean Ghàidhlig is Bheurla am feuchainn cuideachd tràth an ath-bhliadhna ann an deuchainn dusan seachdainnean de fhad. Tha dùil ri cur a-steach gu seo bho oileanaich ionadail aig Oilthigh na Gaidhealtachd ‘s na h-Eileanan agus bho bhuidheannan cùl-taic slàinte-inntinn sgìreil is na daoine a tha fo’n sgiathan.
Thubhairt Martainn MacChaluim, ceannard a’ phròiseact aig NHS Eileanan Siar “Cha bheag an obair a tha air a dhol a-steach gus an inneal-còmhraidh a leasachadh, a’ tòiseachadh bho chionn bhliadhna aig bùithean-obrach còmhla ri raon de bhuidheannan coimhearsnachd is proifeiseantaich. Tha sinn gu sònraichte toilichte a bhith a’ dèanamh seo am measg na h-uimhir de luchd-labhairt na Gàidhlig ‘nar coimhearsnachd, agus tha sinn dhe’n bharail gur e seo a’ cheud d’a sheòrs’ ann an Gàidhlig.”
Tha a’ cheud earrainn ann an Gàidhlig aig uair sam bith dhe’n chlàr-tomhais Warwick-Dùn-Èideann cuideachd ann an lùib a’ phròiseact, a chaidh aontachadh leis na h-ùghdarran aig Oilthigh Dùn-Èideann is Oilthigh Warwick bho chionn ghoirid.
Further details here