Seachdain na Gàidhlig 2024: Claire Francis NicNèill
A’ chiad fhear ann an sreath de thrì agallamhan goirid le daoine òga tàlantach, ag obair ann an gnìomhachasan cruthachail le Gàidhlig aig cridhe an cuid obrach.
Claire Francis NicNèill (Barraigh), cleasaiche neo-esimeileach, neach-ciùil, preasantair agus neach-teagaisg. Tha Claire Francis an-dràsta a’ dèanamh Masters ann an Òrain Ghàidhlig aig an Royal Conservatoire. Tha i ainmeil mar neach-ciùil agus cuideachd airson a cuid obrach mar phreasantair airson BBC Alba. Tha eòlas farsaing aice air a bhith ag obair dha na Fèisean, Neach-teagaisg Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu, neach-ealain guth airson Obh Obh agus o chionn ghoirid dh’eadar-theangaich i stuthan foghlaim na sgoile gu lèir airson Orcastra Nàiseanta Rìoghail na h-Alba.
